Runrig - Air A'Chuan lyrics

Published

0 253 0

Runrig - Air A'Chuan lyrics

Tha am ball air fhuasgladh Is tha sinn a' gluasad Air a' chuan, air a' chuan Tha sinn a' seoladh Tro thonnan uaine Air a' chuan, air a' chuan Air cursa deonach Tha sinn a' seoladh Air a' chuan, air a' chuan Fad bho thir Is an talamh aghmhor Air a' chuan, air a' chuan Is mi a' sealltainn man cuairt Is mi cho fada bhuat Cail ach muir, tonnan is cuan O mo rùn Tha a' ghaoth a' seideadh Nan tonnan fiadhaich Air a' chuan, air a' chuan Tro thonnan fiadhaich Is droch shide Air a' chuan, air a' chuan Cho domhain an cuan Cho luachmhor an uair Nach mair fada buan O mo rùn Sinn a' treabhadh Tron an oidhche Air a' chuan, air a' chuan Siubhal sàbhailteachd Is madainn shunndach Air a' chuan, air a' chuan Thig crioch air an t-saoghal Is thig crioch air daoin' Ach mairidh ceol is mairidh gaol O mo rùn