Tha sinn uile air cuan Stiureadh cuairt troimh ar beatha A' seoladh geola dhorch Air chall an greim na mara Tha a'ghaoth air ar cul Tha a' gheol a' cumail roimhe 'S cha dean uair no an cuan Tonaisgh dhuinn no rian A' mhuir tha i ciuin Tha i fiadhaich tha i farsainn Tha i alainn tha i diamhair Tha i gamhlasach is domhain O ach sin tha sinn dall 'S chaneil againn ach beatha Tog an seol, tog an ramh Gus an fhaigh sinn astar ann Ach tha mi'n duil, tha mi'n duil Nuair a bhios a' ghrian dol fodha Chi iad mi a' stiuireadh 'n iar Null a dh'Uibhist air a' chearcal Cearcal a' chuain Gu brath bidh i a' tionndadh Leam gu machair geal an lar Far an do thoisich an la