Ruith's a mhonadh Ruith nam beann 'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh 'Nar clann Aig coig bliadhna dh'aois 'S gun facal beurla 'nar ceann Seo do leabhar, Sea do pheann. "Dean do leasan", thuirt iad riumsa, "'S gunn eirich sibh suas anns an t-saoghal 'S gheibh sibh an adhart ann." Fichead bliadhna'airson firinn B'fheudar dhomh feitheamh 'S b'fheudar dhomh lorg Fichead bliadhn' de bhreugan Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn. Dh'ionnsaich sinn a leithid ann Canan's bardachd, bardachd Bheurla Ceol na Gearmailt Eachdraidh na Spainnt 'S b'e sin an eachdraidh mheallt Bhon sgoil do'n oilthigh chaidh sinn ann A' leantail foghlum, tuilleadh foghlum Mar amadan air deiradh streang Seorsa de dh'fhoghlum 'nam cheann Fichead bliadhna'airson firinn B'fheudar dhomh feitheamh 'S b'fheudar dhomh lorg Fichead bliadhn' de bhreugan Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn. Ach dh'eirich mi suas anns an t-saoghal Fhuair mi deise, 's fhuair mi leine Fhuair mi aite ann an suilean dhaoin Fada bhon mhonadh mi'n drasd Carson a chum iad eadchraidh bhuainn Innsidh mi dhut, tha iad gealltach Mas eirich clann nan Gaidheal suas Le ceistean sireach is cruaidh Fichead bliadhna'airson firinn B'fheudar dhomh feitheamh 'S b'fheudar dhomh lorg Fichead bliadhn' de bhreugan Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn. Nuair a thoisich mi air lorg Cha do chreid mi mo shuilean Obair olc. "S iomadh rud a chunnaic mi ri mo latha agus ri mo linn. Chunna mi na mnathan a cur na cloinne anns na cairtean a bha dh'an cur o'n Iochdar agus o Bheinne Bhadla. Am fir phosda ceangailte ri'n taobh gun chomas laimh cuideachidh a thoir dhaibh. chunna mi na fir mhora laidir, ceatharnaich an t-saoghail, dh'an ceangan air ceidhe Loch Baghasdail agus dh'an tilgeil ann an luing mar an crodh. Dh'fhalbh iad uile gu straidean Ghlasacho agus gu fasaichean Chanada, a'chuid dhiubh nach do bhasaich le acras agus le plaigh a dol a null air a'chuain. Aig Dia nan dul agus aige-san a mhain tha fios air obair ghrineil dhaoine an la ud." Fichead bliadhn' 's mi aineolach.