Uair a bha an tir mar fhàsach, cha robh bròg a thogadh danns ann, ‘s gann am beul a sheinneadh duan ann, smior an dream mar ath-sgal tuamach. Creid ar nàimhdean is an cumhachd, iad a dh'iarr ar muchadh buileach; ann an lagh is ann am foghlam, dhiùlt iad dhuinn ar cliù 's ar còirean Seòlta mar a chaidh ar mealladh gu bhi measadh faoin ar teanga gus an robh i cnàmhte 's anfhann, an impis a bhi suaint san anairt - Thog sinn strì 's cha b'ann le fòirneart ach le fonn is ruighl' is òran Cha b'e caismeachd tromh na sràide ach tromh a buadhan grinn, a Ghàidhlig. Seinn is seinn, O seinn a nàbaidh, mireadh chasan, o hi seinn as ùr i, ar seann chànan, binneas bhilean, o ho