Julie Fowlis - Mo Bhean Chomain lyrics

Published

0 358 0

Julie Fowlis - Mo Bhean Chomain lyrics

Gur tu mo bhean chomain A chagair 's a ghaoil Bha dualchas ud againn Bhith gu h-amaideach faoin Cha b' fhada leam seachdain A bhith 'n taice ri m' ghaol 'S mi nach iarradh do leaba A bhith againn ach fraoch Fìor thoiseach an t-samhraidh Ghabh mi geall ort is miagh B' fheàrr dhòmh-sa san àm sin Nach do theann mi ris riamh Aig a' mheud 's thug mi ghaol dhut Gun do chaochail mo neul 'S b' fheàrr a-nochd bhith riut sìnte Na mìle bò chiar 'S ann am Bràigh Innis Ruairidh Tha mo luaidh de na mnàth Te na gorm shùilean meallach 'S a' bhroillich ghil bhàin Cheart cho cìnnteach 's tha 'm bradan Air an aigeal a' tàmh Thug mi 'n gaol cha ghaol brèige Dhan euchdaig ghil bhàin Cha tug thu dhomh reusan Air cuir sìos air do chliù Ged a bhithinn ga iarraidh 'O do bhialamh gu d' chùl Bha thu sìobhalta riamh rium 'S bha do bhriathran rium ciùin 'S bidh mo chridh' ann an tòir ort Ged bhiodh tu pòsda ri triùir Tha mi nisd a' dol dhachaigh 'S tha mo leannan nam dhèidh 'S mi gun aithnicheadh mo chruinneag Ann an cruinneachadh ceud Beul meachair ni mànran Cùl fàinneach donn rèidh Mala chaol mar an ite Thig o sgiath an eòin lèith