Julie Fowlis - Ged A Sheol Mi Air M' Aineol lyrics

Published

0 346 0

Julie Fowlis - Ged A Sheol Mi Air M' Aineol lyrics

Ged a sheòl mi air m' aineol Cha laigh smalan air mi' inntinn Ged a sheòl mi air m' aineol 'S ann à Boston a sheòl sinn Dol air bhoidse chun na h-Ìnnsinn Rinn sinn còrdadh ri captain Air a' bhàrc a bha rìomhach Trì latha roimh na Nollaig Thàinig oirnn an droch shìde Shèid i cruaidh oirnn le frasan 'S clachan mheallain a bha millteach Cha robh ròpa 's cha robh òirleach Nuair a reoth ann nach robh trì ann Chaill sinn craiceann ar làmhan Bha ar gàirdeanan sgìth dheth Cha còignear nan seasamh 'S bha seachdnar nan sìneadh Trì latha is trì oidhche 'S mi ri chuibhle ri droch shìde Nuair a labhair an captain "Illean tapaidh na dìobraibh Nuair a ruigeas sibh cala Bidh ur drama dhuibh cinnteach" Tha lionn-diubh aig mo mhàthair Is dùil aic' nach till mi