Dorch an nochd tha'n t-Eilean
Dathan air am fuadach far nam beann
Tha faileas a'tuiteam bhon an Stor
Mar t-fhalt dorch a suabadh do cheann
Horo Mhairi o
Horo Mhairi o
Horo Mhairi o
'S mi 'gad ionndrain ho ro
De math an tobar gun an t-uisge
De math an corp gun cridh'
Nam biodh neart an Stoir 'nam lamhan
Bhiodh sinn le'r cheile's an Eilean a rithis
Horo Mhairi o
Horo Mhairi o
Horo Mhairi o
'S mi 'gad ionndrain ho ro.
'S doch nach fhaigh sinn neamh no beatha eile
Nuair a dhuineas suilean aig deireadh lath
Ach fhuair mi mo neamh an seo's an aite
Far an d'thug thu dhimh do lamh's do cridhe slan
Horo Mhairi o
Horo Mhairi o
Horo Mhairi o
'S mi 'gad ionndrain ho ro.