Refrain
O nach éisdeadh tu ‘n sgeul le aire
Dh'innse ‘n éifeachd tha'n réit' na fala
O nach éisdeadh tu ‘n sheul le aire
Chuirinn impidh ort thu ghrad philltinn
M'am bi thu millt, o gabh suim dha d'anam
Sluagh gun chùram, tha'n dorus dùint' orr'
‘S tha claidheamh rùisgt' air a chùl dha'm faire
Sluagh gun àireamh ‘nan seasamh làmh ris
Ach ‘s daor a thàinig thu ghràidh dha'n ceannach
Ni Nicodemus is a chéile
‘S Mana**eh féin fuil na réit a ghlanadh
Faic an t-óigear rinn ‘fhuil a dhòrtadh
Do pheacaich mhór thainig beò tre ‘ghlanadh
Cluinn thu tàirneanach beinn Shinài
Tha bagraidh bàis ‘g iarraidh làn de pheanas
Ma tha thu ad'bhantraich, ‘s e féin is ceann ort
Cur séile teann ann am bonn(t) a gheallaidh