Capercaillie - Leodhasach An Tir Chein lyrics

Published

0 296 0

Capercaillie - Leodhasach An Tir Chein lyrics

Tha mi fo mhulad bho sheol mi A Leodhas, eilean mo ghraidh Far na dh'fhag mi comunn na h-oige Is mo chairdean uile ri tamh Cha phill rium tuilleadh gach solas 'S nach goraich bh'agam nam phaisd Mo chridhe air a lionadh le dòrainn 'S mo chomhnaidh thairis air sàl Mo chiabhag tha tana 's air liathadh O' s cian bho dh'fhag mi do bhagh Mo chridhe tha g'osnaich gad iargain Is m'iarrtas tilleadh gach la Ged 's torrach am fearann 's fo chraobhan Cha luiginn fuireach na phairt Bu mhath leam bhith trusadh nan caorach 'S an fhraoch an eilean mo ghràidh O nach robh mise far 'n iarrainn An Siadair Iarach a' tamh Far na dh'fhag mi comunn bha rianail Aoidheil, carthannach, tlath Chan iarrainn a shonas gu siorraidh Chan iarrainn solas gu brath Ach dachaigh bhith agam na chriochan Fo riaghladh na Athair na Slaint' Togaidh mi fhathast na siuil rithe Ma chaomhnas Dia rium mo shlaint' 'S gu faigh mi fom shealladh na stùcan Bha muirneach agam nam phaisd Nuair ruitheas mo laithean san t-saoghal B'e mo dhurachd faighinn ann bas 'S mo charadh an taic ri mo shìnnsir 'S a ghlìb ri creagan na h-Aird