Capercaillie - Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich lyrics

Published

0 199 0

Capercaillie - Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich lyrics

'N naigheachd a fhuair sinn an drasd' A thainig oirnn nuadh do'n tir Chuir m'airtneal air chairtealan uam Dh'fhag aigeantach, uallach mi Cha bhi sinn tuilleadh na's mo Aig Deorsa fada fo chis Thig sonas ri linn a' Phrionns'oig 'S gheibh fir tha air fogradh sith Rugadh Phoenix thall anns an Roimh Sgeul aigeantach mor ri 'linn Gum bi neart agus ceart mar ri treoir Do'n fhear sheasas coir an Righ Theid a' chuibhle fhathast mu'n cuairt 'S am fear a tha shuas, bidh e sios Bidh am fear a tha streapadh, gu h-ard 'S fear eile gu lar tuitidh sios Tha Neptun a' mionnachadh dha Gum bheil muir dha co reidh us tir Tha Aeolus a'feitheamh a ghnath 'S a'gleidheadh dha baidh a ghaoith Tha Mars us a chlaidheamh 'na laimh Le buaidh-chath' 's gach aite am bi Tha plannta nan duilleagan tlath Toirt urraim 'nan aiteachan fin Thig muthadh air fonn as droch-ghne Cha bhi dris ann an lar nach crion Bidh gach tulach 'na iomairibh reidh 'S fasaidh 'n cuithneachd air aodainn shliabh Cha dean sinn tuilleadh cion-fath O'n a theirig an fhreumh nach cinn Sin an gartlann a ghlanadh o'n charr Bha bacadh dhuinn fas ar siol Sgeul eile cha cheil mi an drasd' Cuiridh coille trom-bhlath os ar cinn Cuiridh 'n talamh gun airceas de bharr Tacar mara cur lain's gach lion Bidh bainn' aig an eallaich's gach ait' Mil air bharraibh nan srabh's gach tir Gun ghainne, gun airceas, gu brath Gun ghaillionn ach blaths 's gach sian