Capercaillie - Aodann Srath Bhàin lyrics

Published

0 215 0

Capercaillie - Aodann Srath Bhàin lyrics

'S mi ri imeachd nam aonar Anns an òg-mhadain Mhàigh Feadh lèantaichean uaine Mar fhear-fuadain gun stàth Nuair a chunnaich mi a' ghruagach An taobh shuas dhiom a' tàmh 'S i ri nigh'a cuid aodaich Mach air aodann Srath Bhàin An sin dhìrich mi suas Far 'n robh gruagach mo ghràidh Is labhair mi rithe Gu sìobhalta tlàth "Tha bliadhn'agus còrr Bhon a thòisich an gràdh Is ma bhitheas tu deònach Nì sinn pòsadh gun dàil" "Gu pòsadh, gu pòsadh Ro òg tha mi 'n dràsd' Gu bheil teang'aig do sheòrsa Dhèanadh fògradh 's gach àit Gum biodh m'athair 's mo mhàthair Gam chàineadh gu bràth Nam pòsainn do leithid O fhleasgaich gun stàth" Ach a nìonagan òga Tha gun phòsadh 's gach àit' Na diùltaibh fir òga Le mòrchuis no tàir Nach muladach dhòmhsa Bhith gun phòsadh gu bràth 'S fheudar fuireach nam aonar Mach air aodann Srath Bhàin