Capercaillie - Nuair A Chi Thu Caileag Bhòidheach lyrics

Published

0 288 0

Capercaillie - Nuair A Chi Thu Caileag Bhòidheach lyrics

Nuair a chì thu caileag bhòidheach Bidh thu 'n tòir orr' airson oidhch' 'S iomadh cron tha 'n cois an t-seòrsa Gun thu bhi eòlach air an cainnt Ach innse mi mar ghaol na h-òige Mura bheil mo chòmhradh meallt Théid e seachad mar na sgòthan 'S mar na neòil tha os ar cionn 'S mar na neòil tha os ar cionn 'S mar na neòil tha os ar cionn Théid e seachad mar na sgòthan 'S mar na neòil tha os ar cionn Làtha dhòmh's mi falbh air turas Thachair buidheann rium 'sa ghleann Càraid òg a' dèanamh cuideachd Coltas rùn mo chridh' bhi ann Theann mi ceum a-steach na b'aisg orr' Feuch a faicinn ceart cò bh'ann So that Chrom i sios is ghabh i nàire 'S dheàrrs an t-sùil a bha na ceann 'S dheàrrs an t-sùil a bha na ceann 'S dheàrrs an t-sùil a bha na ceann Chrom i sios is ghabh i nàire 'S dheàrrs an t-sùil a bha na ceann Bhuail an saighead mi 's a mhionaid 'S thuirt mi rithe na gabh nàir' Faodaidh tu bhi cuidhteas mise 'S mi bhi cuidhteas tu gu bràth Ach théid sinn aon uair eile còmhla 'S ni sinn còrd gun fhios do chàch 'S ma se thusa rinn am briseadh Gabhaidh mis' an rathad àrd Gabhaidh mis' an rathad àrd Gabhaidh mis' an rathad àrd 'S ma se thusa rinn am briseadh Gabhaidh mis' an rathad àrd Gabhaidh mis' an rathad àrd Gabhaidh mis' an rathad àrd 'S ma se thusa rinn am briseadh Gabhaidh mis' an rathad àrd