Capercaillie - Iain Ghlinn' Cuaich lyrics

Published

0 294 0

Capercaillie - Iain Ghlinn' Cuaich lyrics

O Iain Ghlinn' Cuaich Fear do choltais cha dual da fàs Cùl bachlach nan dual 'S e gu camlubach suas gu bhàrr 'S i do phearsa dheas ghrinn A dh'fhàg mi cho tinn le gràdh 'S nach 'eil cron ort ri inns' O mhullach do chinn gu d'sàil Ach an trian dhe do chliù Cha chuir mise, a rùin an céill 'S caoimh' faiteal dhe d'ghnùis Na ùr choille fo dhrùchd re gréin Gum b' e miann mo dhà shùil A bhith sealltainn gu dlúth ad dhéidh 'S math a b'airidh mo rùn-s' Air ban-oighre a' chrùin fo sgéith Iain, Iain, a ghaoil Cuim' a leig thu mi faoin air chùl Gun ghuth cuimhn' air a' ghaol A bh'againn araon air tùs? Cha tug mise mo spéis Do dh'fear eile fo'n ghréin ach thu Is cha toir as do dhéidh Gus an càirear mo chré 'san ùir Ged a chinn thu rium fuar Bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chàs 'S a liuthad là agus chuir Thu 'n céill gum bu bhuan do ghràdh? Ach ma chaochail mi bhuaidh 'S gun so choisinn mi t'fhuath na t-fhearg Tha mo bheannachd ad dhéidh 'S feuch an tagh thu dhuit fhéin nas fhèarr