Bha mi raoir a' siubhal drathair 'S thainig dealbh do mo laimh Dealbh mo sheannmh'air is mo shean'air 'S balach og na shuidh' ri'n taobh. 'S iad ag obair aig na sguaban arbhair Shuidh mi g'an coimhead fad' na h-oidhch' Thainig cian*las na m'chridhe 'S thainig cuideam na mo laimh. Uair eile gu bhith dhachaidh Uair eile gu bhith beo Ruith mu'n cuairt na sguaban arbhair
Uair eile gu bhith og. Cha'n e aois a tha mi sabaid Cha'n e mo bheatha nach eil slan 'S e bhith fuireach ann a' saoghal maide Le chuid daoin' nach tuig mo chainnt. (Chorus) Dh'fhalbh mo sheannmh'air 's mo shean'air Thuit na sguaban arbhair sios Dh'fhalbh mi gu saobhal eile 'S dh'fhalbh a' Ghaidhlig bho mo bheul. (Chorus)