Nach neonach neisd a tha e A bhi seoladh air ais a rithis Cha bhi thusa mar a b'abhaist Nam choinneamh air a chidhe 'S cha d'fhiach an teine oidhche Gun do chomhradh 's do ghair, Chan fhaic mi thu a rithis. Ged tha an la cho buaidheach, 'S ged tha an t-aite cho breagha 'S ged tha a'ghrian a'dearrsadh, 'S ged tha a'mhuir cho ciuin
'S ged tha mi mar an fhaoileag, Cho sona 's cho saor, Chan fhaic mi thu a rithis. Atharrachaidh an t-saoghal Mar a dh'atharraicheas an t-side Aon la tha a'ghlainne 'g eirigh 'S an ath la tha i sios Chunnaic mi an t-uisge 'S chunnaic mi a'ghrian Ach chan fhaic sinn do leithid a rithis.