Ged 's breagha an ros le dhuilleagan sioda Faile cho cubhraidh, cubhraidh bho chridh Na buain e ri'd mhairean oir ni e do mhealladh Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith. Chreid mi na briathran, a h-uile ni riamh dheth Gur breagha 's gur cubhraidh, cubhraidh am blath Bhuain mi am fluran, mar Adhamh an ubhlan 'S leonadh mo chridhe, mo chridhe gu brath. Tha mi nis a crionadh is m'inntinn air phianadh
'S mo shuilean a sior, sior shileadh dheur 'S ged 's tric rinn mi gaire, tha sin nis air an fhaire 'S mo chridhe briste bruite, briste bruite gu leur. Ged 's breagha an ros le dhuilleagan sioda Faile cho cubhraidh, cubhraidh bho chridh Na buain e ri'd mhairean oir ni e do mhealladh Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.