Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach 'M barr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach À tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad 'S i leinn an uair tighinn tuath air Scalpaigh Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach Chì mi Manais is Ceann an t-Saile Caolas Bhearnaraidh is traighean Phabaidh Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach 'M barr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach Chì mi 'n t-iasgair a' cur nan lìon ann Is gum b' e mo mhiann bhith 'sa chiar 'gan tarruing Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach Nam faighinn òrdugh gur mi bhiodh deònach A gheòla "loradh" 's a seòladh dhachaidh Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach 'M barr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach