Cluinnidh mi thar uchd na mara Ard os cionn na gaoith ri gaillinn Torman beag an cois a'chladaich Mionaghallan na maighdinn Bharraich Seachad Ciosmul a'chaisteil Eithrichean a' ruith le astar Fàth mo bhròin tha aon tè dh'aindheoin m'ùrnaighean nach tìll gu acair Ionndrainn mo leannainn ga mo riasladh Mar fhraoch geamhraidh tha mi ciaradh Speireid beatha dh'fhalbh e, chrion e
Dh'fhalbh an gaol 's an òig gu siorruidh Cha dean sinne ghaolaich chiataich Mànran ri chòile gu siorruidh Gruagach na stuadh ghabh i miann ort Shuain i cuailein ort na liaghain Cluinnidh mi thar uchd na mara Ard os cionn na gaoith ri gaillinn Torman beag an cois a'chladaich Mionaghallan na maighdinn Bharraich